An Taigh Cèilidh

An Taigh Cèilidh Tigh-céilidh Steòrnabhaigh: Ionad Gàidhlig agus aite Coimhearsnachd. Carthannas SC054493.
🎻🪗🍰🥪☕🫖🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿
Gaelic Cultural Centre and Community .

Registered charity SC054493.

03/10/2026

Bha siud man Bliadhna Ur a dhuine!
Daoine a tighinn a steach bhon t-sraid cur meala naidheachd air Coinneach son an CD.
B e Lochaidh take over bha againn an diugh. Bidh iad uile air ais..

Bidh sinn fosgailte son a cheilidh le Kenneth Nicolson agus an CD ur feasgar an diugh. Diluain - buidhean luchd turais a...
03/10/2026

Bidh sinn fosgailte son a cheilidh le Kenneth Nicolson agus an CD ur feasgar an diugh. Diluain - buidhean luchd turais a tighinn aig trath diathad. Diardaoin -Gaelic Drop In aig 11. Dihaoine - an leabhar ur Mi Fhin s Mo Shaoghal 2027 a tighinn a mach. Bidh Murdo MacLeod ag innse mun fheallsanachd a tha air a chul agus bidh seanchas agus amhrainn an cuideachd.

02/10/2026

'Thugainn' am buidheann Gaidhlig aig Third Sector Hebrides a bha staigh greis Dimart.

Bidh a chiad leabhar Manga sa Ghaidhlig a tighinn a mach a maireach. Uisgeulan nan Eilean air a dhealbh le Eira Richards...
01/10/2026

Bidh a chiad leabhar Manga sa Ghaidhlig a tighinn a mach a maireach. Uisgeulan nan Eilean air a dhealbh le Eira Richards. Bidh sgioba An Taigh Ceilidh a leughadh earrainn dheth.

Bidh an cuspair seo tric a togail ceann sna chòmhraidhean ri luchd-turais san Taigh Cèilidh. Gach cànan luma-làn de d’fh...
30/09/2026

Bidh an cuspair seo tric a togail ceann sna chòmhraidhean ri luchd-turais san Taigh Cèilidh. Gach cànan luma-làn de d’fhìosrachadh a tha cho deatanach ga gach neach againn san àm ri teachd. Ged a tha mu 7000 cànan ga bhruidhinn an dràsta. Thathas a maoidhne gun teid leth aca à bith, ann an ùine nach bidh fada. Dè ur beachd air a’ bhlog seo aig O Giollagain agus O Curnain Teàrlach Wilson

The global loss of cultural and linguistic diversity requires a holistic focus similar to the global response to the ecological crisis. This article aims to summarise our comprehensive reality-based f...

Tha Tobair an Dualchais a tighinn an diugh.Le claradh de  chomhraidhean eadar muinntir nan eilean bho 1950. Feumar cead ...
30/09/2026

Tha Tobair an Dualchais a tighinn an diugh.Le claradh de chomhraidhean eadar muinntir nan eilean bho 1950. Feumar cead fhaighinn son an fhiosrachadh seo a chur air loidhne. Thigheamh gu balgam gun fhios nach eil cuid de ur cairdean a measg nan claraidhean..

Bidh Consairt againn feasgar Disathairne agus Coinneach MacNeacail Kenneth Nicolson a’ seinn cuid de na h-àmhrain a tha ...
28/09/2026

Bidh Consairt againn feasgar Disathairne agus Coinneach MacNeacail Kenneth Nicolson a’ seinn cuid de na h-àmhrain a tha air an CD ùr aige Freumhan. Dà uair Disathairne sa tighinn an treas latha gan ath mhios. Bhuannaich Coinneach à Ceòs agus Ranais dà dhuais aig àrd ìre aig a’ Mhod agus seo a’ chiad chruinneachadh àmhrain a rinn e riamh air clàr. Tha na h-àmhrain rim fhaighinn air na meadhanan eile cuideachd. Bidh an CD againn sa bhùth bho Dhisathairne.

Tha seachdain dhripeil romhainn. Dimàrt-Clasaichean ‘Thugainn’ bho Third Sector Hebrides air thuras. Diciadain 10-3 - an...
26/09/2026

Tha seachdain dhripeil romhainn. Dimàrt-Clasaichean ‘Thugainn’ bho Third Sector Hebrides air thuras. Diciadain 10-3 - an Dualchais ~ Kist o Richesa’ tighinn le clàraidhean a chaidh a dheanamh an Leòdhas bho 1950. Feuch an tig sibh a thoirt cuideachadh le bhith lòrg nan càirdean aca.

Dihaoine 3f- Eadar Dhà Shian a’ chiad leabhar Manga sa Gàidhlig mu ursgeulan nan Eilean. le Richards Studios. Tha an leabhar ùr seo na phàrt de Comic Con.
Disathairne 2f-Bidh Kenneth Nicolson a’tighinn a sheinn àmhrain far an CD Ur aige. Bidh Murray Begg toirt taic ga.
Cuideachd dà bhuidheann luchd-turais a tighinn gu grèim bidh aig trath-diathad. Dimàrt agus Diardaoin. Ag obair ri gualainn a chèile son na Gàidhlig.

24/09/2026

LÀ FIOSRACHAIDH/DROP-IN SESSIONS TAIGH CÈILIDH

PLEASE SHARE (English text follows Gaelic)

Tha Tobar an Dualchais a’ cur tachartas air dòigh ann an co-bhonn le An Taigh Cèilidh ann an Steòrnabhagh Diciadain 30 Sultain eadar 10.00m is 3.00f. ’S e là fiosrachaidh a bhios ann, far am bi sinn a’ coimhead airson daoine a tha càirdeach do dh’fheadhainn a chaidh an clàradh bho air feadh Eilein Leòdhais ach nach eil air làrach-lìn TAD fhathast. Bu toigh leinn tòrr a bharrachd chlàraidhean bhon eilean a chur air an làraich-lìn.

Mar phàirt den là, bidh cothrom ann stiùireadh fhaighinn air an làrach-lìn agus am mapa ùr a chleachdadh.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur faicinn!
---------------------------------------------------------------------
Tobar an Dualchais, in partnership with An Taigh Cèilidh, will be running drop in sessions in Stornoway on Wednesday 30 September from 10am to 3pm. Please feel free to come along and see if you have relatives, or know anyone locally, who has recordings in the collection that are not yet on the website. We are keen to gather further permissions so we can make more Lewis recordings available.

The sessions will also include a chance to learn how to use the website, including our new interactive map.

North Tolsta Historical Society
Pairc Historical Society
Stornoway Historical Society
Uig Historical Society
North Lochs Historical Society
Comann Eachdraidh Sgìre a’ Bhac
Kinloch Historical Society
Comunn Eachdraidh Nis
Comann Eachdraidh Bharabhais agus Bhrù (Barvas and Brue Historical Society)

21/09/2026

Tha an leabhar Orain Ceilidh Teaghlaich againn sa bhuth.

Address

16 Sràid Na H-Eaglaise
Stornoway
HS12DH

Opening Hours

Wednesday 11am - 3pm
Thursday 11am - 3am
Friday 11am - 3pm

Telephone

+441851441375

Alerts

Be the first to know and let us send you an email when An Taigh Cèilidh posts news and promotions. Your email address will not be used for any other purpose, and you can unsubscribe at any time.

Contact The Business

Send a message to An Taigh Cèilidh:

Shortcuts

Share

Category